|
Eilean m'àraich (Isle of Arran)
Giùlain mi le beannachd bhùamsa
Null gu eilean ùain' a chaoil
Far an tric an toir mo bhruadair
Mi air chuairt thar chluaintean gaoil
Eilean m'àltruim, eilean àgmhor
Eilean àluinn 'san chuan sgith
Tha ghaoth bhog a thig thar sàile' uat
Mar thuis slànuchaidh do mo chridh
Tha luchd gaoil an sin' gam' fhéitheamh
Tha mo dhaoine fhéin 'cur fàilt
Tha mo chridh 's mo mhiann 'gam tharruing
Null, air ais, gu m'eilean gràidh
Eilean m'àltruim, eilean àgmhor
Eilean àluinn 'san chuan sgith
Tha ghaoth bhog a thig thar sàile' uat
Mar thuis slànuchaidh do mo chridh
Far am bheil do shrùthain fhinealt
Troimh do ghlìnn a ruith gu cuan
Far am bheil do bheanntan àrda
Tairgsinn sgàil bho theas 's bho fhùachd
Eilean m'àltruim, eilean àgmhor
Eilean àluinn 'san chuan sgith
Tha ghaoth bhog a thig thar sàile' uat
Mar thuis slànuchaidh do mo chridh
(Words by A. Kennedy, music by Mairi MacInnes - MCPS/PRS
- © 1995 Monamore Music)
back to This
Feeling Inside album page
|