|
Fear a Bhàta (The Boatman)
'S tric mi sealltuinn o'n chnòc a's àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a bhàta
An tig thu'n diugh no'n tig thu màireach
'S mur tig thu idir gu truach a tà' mi
Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu!
Tha mo chridhe-sa briste brùite
'S tric na deóir a ruith o'm shùilean
An tig thu nochd no'm bi mo dhùil riut
No'n dùin mi'n dorus le òsna thùrsaich
Gheall mo leannan dhomh gùn dhe'n t-sìoda
Gheall e siod agus breacan rìomhach
Fainn òir anns am fàiginn iomhaigh
Ach 's eagal leam gun dean e di-chuimhn'
Bidh mi tuille gu tùrsach deùrach
Mar eala bhàn 's an déigh a reùbadh
Guileag bàis aic' air lochan feùrach
Is cach uile an déigh a tréigsinn
Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu!
(Traditional, arranged by Mairi MacInnes & William
Jackson, published by Grian Music)
back to This
Feeling Inside album page
|